Liosta Sgrùdaidh
Dèan cinnteach gu bheil thu a' cleachdadh CSS anns na dòighean seo:
- Cleachd ainmean ciallach airson clasaichean & IDan (m.e. ".left_column" an àite "class569").
- Cruthaich ID an àite clas ma tha e gu bhith air a chleachdadh dìreach aon turas air an duilleig.
- Cuir CSS ann an "external style sheet" nuair a tha stoidhle gu bhith air a chleachdadh ann am barrachd air aon duilleag HTML.
- Na cleachd "tables" ach airson fiosrachadh "tabular"; cleachd CSS airson rudan a chur ann an àite air an duilleig ("positioning").
- Bi mothachail gum bu chòir CSS a bhith air a chleachdadh airson mòran rudan a b' àbhaist a bhith am broinn HTML tags (m.e. font, color,...)
- Cleachd an CSS Validator agus an HTML Validator
- Dèan deuchainnean ann am barrachd air aon sealladair ("browser") a bhith cinnteach gu bheil coltas math ann an gach fear.

