Dè th'ann an CSS?
'S e Cascading Style Sheets an t-ainm fada airson CSS. Tha CSS air a chleachdadh airson coltas ceart a chur air duilleagan-lìn .
Carson CSS?
Tha HTML a' cur an cèill dè bu chòir a bhith air an duilleig (faclan, dealbhan, m.s.a.a.). Tha CSS ag ràdh dè an coltas a bu chòir a bhith air na rudan air an duilleig.
Le CSS, tha e glè fhurasta an coltas atharrachadh gun a bhith ag atharrachadh an HTML.
Mar eisimpleir, ma tha "HTML tables" air an cleachdadh airson suidheachadh de rudan air an duilleig ("positioning"), bidh e doirbh na rudan sin a ghluasad gu àiteachan eile air an duilleig. Co-dhiù, ma tha CSS air a chleachdadh airson suidheachadh de na rudan, bidh e furasta na rudan a ghluasad gu àiteachan eile air an duilleig.
Eisimpleir eile, 's e gu bheil e sìmplidh le CSS a bhith ag atharrachadh an dath agus meud airson an teacsa air làrach-lìn air fad, gun a bhith ag atharrachadh an HTML.
Cò ris a tha CSS coltach?
Eisimpleir:
<!-- eisimpleir de "class" -->
.subs-navbar {
border: 1px #091c5a solid;
margin-bottom: 10px;
padding-top: 0;
font-size: 14px;
background-color: #ffffff;}
<!-- eisimpleir de "id" -->
#sidepanel {
position: absolute;
top: 20px;
left: 625px;
width: 220px;
margin-left: 0;
margin-right: 0;
font-family: Verdana, Helvetica, Arial, sans-serif;}
Dè an seòrsa siota stoidhle?
- linked
Ann an "linked stylesheet", tha an CSS ann am faidhle eile, chan ann leis an HTML. Airson stoidhle a bhios air a chleachdadh ann am barrachd air aon duilleag, tha seo nas fheàrr. Mar eisimpleir:
<head>
<link rel="stylesheet" type="text/css" href="http://www.westciv.com/style/style.css"
/>
</head>
Tha an duilleag seo a' cleachdadh siota stoidhle "linked".
- embedded
Ann an "embedded stylesheet", tha an CSS anns an fhaidhle HTML fhèin. Ma tha stoidhle gu bhith dìreach air a chleachdadh ann an aon fhaidhle, tha sin iomchaidh.
'S urrainn dhut an CSS a chur anns an earrann HTML "head", neo ann an earrann mar <div>, <span> neo <p>. Mar eisimpleir:
<style type="text/css">
.illustration_title {
position: absolute;
top: 250px;
left: 50px;
}
</style>
</head>
<body>
<span class="illustration_title"> 1. Taigh Dubh an Sgìre Nis</span>
</body>
neo
This website conforms to the following standards:
<!-- barrachd stuth an-seo -->
</div>
neo
Clas & ID
'S urrainn do Chlas a bhith air a chleachdadh ann am mòran àiteachan air an duilleig, ach chan urrainn ID a bhith ann am barrachd air aon àite.
Feumar "{" agus "}" a chleachdadh an àite "(" agus ")".
Clas
Tha clas mar seo:
.ainm { rud1: luach; rud2: luach; ... }
m.e.:
.red_text { color: #ff0000; }
agus seo mar a chleachdas tu e san HTML:
seo teacsa <span class="red_text"> dearg </span>
tha e a' coimhead mar seo:
seo teacsa dearg
ID
Tha ID mar seo:
#ainm { rud1: luach; rud2: luach; ... }
m.e.:
#cng_header { font-size: 28px; text-align: center; color:#800080; }
agus seo mar a chleachdas tu e san HTML:
<p id="cng_header">Comunn na Gàidhlig</p>
tha e a' coimhead mar seo:
Comunn na Gàidhlig
HTML tags
Tha e comasach stoidhle a chur air rudan a tha am broinn HTML tags mar <body>, <p>, <h1>, <table>, m.s.a.a. ann an dà dhòigh:
Dòigh 1 - atharraich dìreach far a bheil thu ag ràdh
Leis an dòigh seo, tha an stoidhle ag atharrachadh dìreach far a bheil thu a' cleachdadh a' chlas neo ID.
.purple_text { font-size: 18px; color: #800080 }
<p class="purple_text ">teacsa le stoidhle ùr an seo</p>
<p>teacsa le stoidhle àbhaisteach an seo<p>
mar seo:
teacsa le stoidhle ùr an seo
teacsa le stoidhle àbhaisteach an seo
Dòigh 2 - atharraich an-còmhnaidh
Leis an dòigh seo, tha thu ag atharrachadh an stoidhle a h-uile turas a tha an tag air a chleachdadh. Chan fheum thu clas ainmeachadh gach turas.
p { font-size: 18px; color: #008080 }
<p>teacsa le stoidhle ùr an seo</p>
<p>agus an-seo<p>
mar seo:
teacsa le stoidhle ùr an seo
agus an seo
HTML <span> , <div> & <p>
Tha <span>...</span> a' comharrachadh pìos beag de theacsa far a bheil thu ag iarraidh stoidhle. Airson stoidhle a chur air earrann air fad, neo rudan eile mar dhealbhan, cleachd <p>....</p>, neo <div>...</div>.
m.e., chunnaic sinn seo roimhe:
seo teacsa <span class="red"> dearg </span>
agus dh' fhaodadh <div> neo <p> a bhith mar seo:
<div class="centred_image"> (HTML airson dealbh an seo...) </div>"
<p class="monospaced_text"> (earrann de theacsa an seo...) </p>

